Boireannach ionadail a’ dol na cailleach gu h-oifigeil as dèidh dhi post mu New Indicator of Stroke a sgaoileadh.
Tha Brenda Nic a’ Phearsain à Baile nan Granndach air ainmeachadh dhan t-saoghail gu bheil i air a dhol na cailleach agus seann aois a ruighinn le bhith a’ sgaoileadh seann phost mu dheidhinn a bhith ag aithneachadh a bheil stròc a’ tighinn air cuideigin.
Ged a tha am post seo gu ìre mhath stèidhichte air an fhìrinn, ged tha iomadh beachd air dè cho èifeachdach ‘s a tha e a bhith a’ cleachdadh cam an teanga airson stròc a dhearbhadh. Chan eil am post idir ùr cuideachd – tha e air a bhith ga sgaoileadh air an eadar-lìon o chionn 2005 co-dhiù.
Ach gu dearbh, tha sgaoileadh a’ phuist air a mheasadh mar shamhla gu bheil cuideigin a’ fulang leis an t-seann-aois agus a dh’aithghearr bidh iad a’ sgaoileadh nonsense sam bith, mar eisimpleir post fuadan mu dheidhinn companaidh aig a bheil dusan Range Rovers nach urrainn dhaibh a reic, post a’ gearan mu Greta Thunberg agus ag ràdh nach eil an ginealach aice as còireach a chionn ‘s gun robh iad aig aon àm ag ithe iasg agus tiops a-mach à pàipearan naidheachd, ‘s a’ fàgail comments ag ràdh ‘shared Grantown’ air dealbhan de choin a chaidh air chall ann an Southamption ann an 2014,
“Tha rannsachadh a’ sealltainn gu mì-fhortanach gu bheil an seòrsa de ghiùlan seo air na meadhanan soisealta na indicator mòr de chuideigin a’ fàs dodail” ars Dotair Calum MacAonghais, “Duilich a ràdh gu bheil e air a dhol bhuaipe. ‘S bochd sin, b’ àbhaist dhi a bhith na fìor Ghilf nam bheachd” ars e san dealachadh.
https://www.snopes.com/fact-check/three-simple-tests-detect-stroke/