An t-Eilean Dubh gu bhith na Eilean Ceart
Tha an t-Eilean dubh gu bhith na Eilean Ceart airson na ciad uair mar phàirt de dh’iomairt airson luchd-turais a tharraing a-steach le a bhith ga dhèanamh nas duilghe dhaibh faighinn ann.
“Ma tha ag iarraidh a dhol gu Eilean cha rachadh tu dhan Eilean Dubh cha chreid mi” ars Comhairliche Fud McStare. “Ach a-nis leis an iomairt seo, tha an sgìre a’ dol a dh’ fhaighinn am bun-structar a tha air a bhith a dhìth on a ràinig mise o chionn dà bhliadhna”.
Dh’iarr an Daily Gael air muinntir an Eilein Dhuibh am beachdan a thoirt seachad air a’ ghnothach:
“Dè tha iad a’ dèanamh a-rithist? Ciamar? Fucking Hell”! ars Trevor MacApline à Cromarty”. “Ciamar a gheibh sinn gu Tescos? Ciamar a gheibh Tescos dhuinne”?
“Saoilidh mi gur e rud math a th’ ann barrachd dhaoine a bhith a’ tadhal oirrn an seo ach feumaidh gu bheil dòigh nas fheàrr ann!”. Nach b’ urrainn dhuinn Casino mòr a thogail no Cannabis a reic sna taighean-òsta?”.
A dh’aindeoin beachdan càich tha McStare tuilleadh is cinnteach gun tig am plana aige gu bìth:
“Tha pìle mhòr de dh’airgead againn agus feumaidh sinn a chaitheamh dòigh air choreigin. Às dèidh seo, tha sinn an dùil Loch Nis fhalmhachadh agus am mullach a ghearradh far Beinn Nibheis agus ceum baidhsagail a dhèanamh às… do choin.