An do dhiochuimhnich an Trumpach na facail?

Dh’adhbhraich Dòmhnall Trump connspaid eile as dèidh dha, a-rèir coltais, na faclan airson sèist Eilean Fraoich, laoidh nàiseanta Leòdhais a dhiochuimhneachadh.

Ga chlàradh aig an suipear buntàt’ is sgadan aig Tùr Thrump a bhios ann gach cola-deug, tha bhideo a’ sealltainn gu bheil an còigeamh ceann-suidhe thairis air dà fhichead aig na Stàitean Aonaichte a’ dèanamh dearmad air briathran an duain Leòdhasaich. Chìthear na h-ìomhaighean iongantach an-seo.

Tha an Dòmhnall fhèin air cùis mhòr a dhèanamh mu dheidhinn daoine nach eil comasach a sheinn ann an co-sheirm le sèistean ach cuideachd nach eil comasach co-dhiù trì no ceithir rannan de dh’òrain cèilidh a ghabhail. Bha e fiù ‘s a’ tweetadh beò dubh-chaineadh air luchd-seinn aig a’ Mhòd Nàiseanta an-uiridh. “Bhiodh Crooked Hillary fiù ‘s a’ faighinn tro Chuairt Dheireannach an t-Seann Nòis gun na faclan a dhiochuimhneachadh agus dh’ionnsaich ise a’ Ghàidhlig!” ars esan ann an teachdaireachd, a chaidh a dhubhadh às, a-rèir fhathannan gun robh e ceangailte ris an rannsachadh mun Ruis.

Ars neach-labhairt on Taigh Geal “B’ fheàrr leis a’ Cheann-suidhe gum bi iadsan a tha gam pàigheadh airson seinn a’ seinn.” Ge-tà, a’ gabhail ri twitter, bha Mgr Trump a’ cumail air leis a’ chaineadh an-diugh, a dh’aindeoin nan trioblaidean aige fhèin leis an òran.