Airgead Croitearachd airson Cocaine agus Chailleagan

Cruach-mona a’ dìon a’ chocaine bho uisge agus muinntir Bharraigh.
Tha Murchadh MacAlasdair à Bòrnais a’ gabhail dragh nach tèid maoineachadh gu lèor a thoirt do chroitearan Uibhisteach airson cocaine agus chailleagan “loose” sna bliadhnaichean a tha romhainn.
Bhiodh a’ mhòr-chuid den airgead a chleachd a bhith a’ dol gu croitearan Uibheastach bhon Aonadh Eòrpach ga chaitheamh air drugaichean gus an cumail nan dùisg a’ cur a’ bhùntata agus a’ sìreadh “lovely girls”.
“B’ urrainn dhomh a bhith air an t-airgead a chosg air a’ chroit fhèin ach tha 23 den 24 acres fo lochan.”
“Is fhada bho nach fhaca mi na caoraich, agus ma bha crodh agam a-riamh tha iad air a bhith uabhasach sàmhach.”
“Tha na coin-chaoraich air a dhol fiadhaich nas motha, cha tàinig am postie tuilleadh bhon a dh’ ith na peasanan a chas agus a’ bhan dearg aige”

“Hahahaha…bhàsaich e” – Dìleas à Bòrnais
A-rèir Mhurchaidh tha cocaine air a bhith nas cosgaile sna h-eileanan a-muigh bho riamh air sàilleibh “bhleigeartean ann an Glaschu ga chùmail dhaibh fhèin agus ga gheàrradh le Vanish OXY Action.”
Chuir sinn a’ cheist air Murchadh- a tha a-nist iomadh bliadhna na chroitear – carson a tha drugaichean riatanach dha obair:
“Am faca tu Uibhist?” thuirt e le leth-ghàire air aodann dearg.